Stiùireadh
Lean na ceumannan seo airson do bhidio a chruthachadh.
Ceum 1: Tagh Òran
Tha an tidsear, an seaplain no an sgoilear a’ taghadh, ag eadar-theangachadh no a’ cruthachadh òran molaidh (mar eisimpleir, ‘Gach Nì Tha Àlainn Eireachdail’). Tha na sgoilearan a’ leughadh an òrain, leotha fhèin agus mar bhuidheann.

Gach Nì Tha Àlainn Eireachdail
Gach nì tha àlainn eireachdail,
Gach creutair beag is mòr,
Gach nì tha ciallach, iongantach,
B’ e 'n Tighearna rinn gach seòrs’.
Gach flùran beag a dh'fhosglas,
Gach eun nì ceilear binn,
Rinn e an dathan maiseach,
Rinn e an sgiathan grinn.
A’ bheinn le binnean purpaidh,
An abhainn aig a bonn,
A’ ghrian, dol fodh’ 's ag èirigh,
Ag òradh speur is fonn.
A’ ghaoth fhuar anns a’ gheamhradh,
Grian samhraidh le a blàths,
Am meas abaich anns a’ ghàrradh,
Rinn esan dhuinn gach càil.
Na craobhan àrd’ sa choille,
Na lòintean cluich dar spòrs,
An luachair aig an t-sruthan,
Far an cruinnich sinn le deòin.
Thug sùilean dhuinn gam faicinn,
Is bilean a thoirt sgeòil
Mun Tighearna rinn le chumhachd
Na h-uile mar bu chòir.
(Cecil Frances Alexander, ‘All things bright and beautiful’, eadar-theangachadh: An t-Oll. Dòmhnall Meek.)
Ceum 2: Brìgh an òrain
Tha an tidsear (no an seaplain) a’ mìneachadh an òrain ann an co-theacsa spioradail.
Mar eisimpleir, mar a tha ‘Gach Nì Tha Àlainn Eireachdail’ a’ togail air Genesis 1 agus Eòin 1. Dh’fhaodar sùil a thoirt air bun-bheachdan mar Dia an Cruithear (chruthaich e a h-uile nì) agus Gàrradh Edein.


Ceum 3: A’ Dealbhachadh
Tha na sgoilearan a' cruthachadh ìomhaighean a tha freagarrach airson an òrain. Bu chòir co-dhiù aon ìomhaigh a bhith ann airson gach rann—faodaidh sgoilearan obrachadh nan aonar no ann am buidhnean airson seo a dhèanamh.
Dh’fhaodadh iad dealbh a tharraing len làimh fhèin, dealbh camara a thogail, foto-lethbhreac a dhèanamh, no ìomhaigh a luchdachadh a-nuas air coimpiutair. (Thoir an aire do cheadan—copyright!)



Ceum 4: A’ Taidhpeadh
Mura bheil teacsa an òrain ann an riochd didseatach, tha na sgoilearan a’ cleachdadh bathar-bog mar Microsoft Word no Google Docs gus rannan an òrain a thaidhpeadh.


Ceum 5: A’ Seinn & A' Clàradh
Tha na sgoilearan ag èisteachd ris an òran agus ag ionnsachadh mar a bhios iad ga sheinn.
Tha na sgoilearan a’ seinn gach rann, ga chlàradh agus ga shàbhaladh mar faidhle didseatach (dh'fhaodar fòn-làimhe a chleachdadh airson seo).


Ceum 6: A’ Cruthachadh Taisbeanadh
Tha na sgoilearan a’ cruthachadh taisbeanadh, a’ cleachdadh Microsoft Powerpoint. Bu chòir slaighd ùr a chruthachadh airson gach rann—cuiridh iad teacsa an rainn, an ìomhaigh no na h-ìomhaighean a chaidh a dhèanamh agus an clàradh-fuaim air seo.
(Mura bheil Powerpoint agaibh faodar Google Slides no LibreOffice Impress a chleachdadh cuideachd; ach nì sin an ath cheum nas toinnte.)


Ceum 7: Cruthaich Bhidio
Nuair a tha Ceum 6 dèante, tha na sgoilearan a’ sàbhaladh an taisbeanaidh mar faidhle MP4 (bhidio). Tha an comas seo aig Powerpoint ann fhèin (File -> Export -> File Format MP4 ).
(Ma tha bathar-bog eile air a chleachdadh bidh rudeigin mar OBS Studio, a chlàras na tha a’ tachairt air sgrìon coimpiutair—screen recording software—a dhìth.)
Tha am faidhle MP4 a-nis deiseil airson a luchdachadh suas.

Ceum 8: Co-roinn
Tha cothrom a-nis aig na sgoilearan air stòras molaidh (an gailearaidh) bho air feadh an t-saoghail, agus bidh clann ann an Albainn Nuadh, Leòdhas no Glaschu a’ cleachdadh obair càch a chèile.

